Blog Feeds
Anti-Empire
The SakerIndymedia Ireland is a volunteer-run non-commercial open publishing website for local and international news, opinion & analysis, press releases and events. Its main objective is to enable the public to participate in reporting and analysis of the news and other important events and aspects of our daily lives and thereby give a voice to people.
Public InquiryInterested in maladministration. Estd. 2005
Human Rights in IrelandPromoting Human Rights in Ireland |
Search author name words: Cait Tcs sa 2lg, comharra gu bheil sinn beo agus trioblaidean coltach ri cach againn![]() ![]() ![]() ![]() CHAN ann anns an aon àite a tha an t-olc. Chan fhada gus an nochd na h-aon ghearanan am measg luchd-teagaisg na Gàidhlig agus a nochd bho mhuinntirr na Beurla anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad. Tha luchd-teagaisg air a bhi ag innse nach fhaigh cuid de sgoilearan air sgrìobhadh ceart tuilleadh air sgàth is mar a thathas a’ measgachadh cainnt goirid nam fónaichean-làimhe agus sgrìobhadh àbhaisteach. CHAN ann anns an aon àite a tha an t-olc. Chan fhada gus an nochd na h-aon ghearanan am measg luchd-teagaisg na Gàidhlig agus a nochd bho mhuinntirr na Beurla anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad. Tha luchd-teagaisg air a bhi ag innse nach fhaigh cuid de sgoilearan air sgrìobhadh ceart tuilleadh air sgàth is mar a thathas a’ measgachadh cainnt goirid nam fónaichean-làimhe agus sgrìobhadh àbhaisteach. Agus tha na rabhaidhean àbhaisteach air a bhi ann gu bheil cainnt Alfred, Chaucer, Shakespeare, agus Seòras Orwell ann an cunnart air sgàth is mar a tha clann-sgoile aig obair le’n òrdagan air am fónaichean. Dh’atharraich an loighne as ainmeile ann an litreachas Bheurla gu "2B R nt 2B." Thathas ceart iad a bhi a’ strì gus deanamh cinnteach gum faigh na sgoilearan air sgrìobhadh ceart, ach tha an fheadhainn a tha a’ rabhadh gun dean teicneòlas ùr sgrios air a’ chànain as làidire anns an t-saoghal ceàrr. Cha bu chòir dha na Gaidheil a bhi a’ deanamh fanoid air sgàth is gu bheil teacs a’ deanamh `milleadh’ air a’ Bheurla, ‘sann a bu chòir sinn a bhi a’ gabhail farmad. ‘Se a th’ann an atharrachadh luath comharra gu bheil cànan fallainn. Bu chòir dha fiùs an nàdurr is àrainneachd a bhi ag innse sin dhuinn. Tha atharrachadh a’ tighinn air rudan anns am bheil beatha is spionnadh, agus chan ann air rudan a tha aig oir a’ bhàis. ‘Se a tha a dhìth oirnne beagan a bharrachd de’n ‘mhilleadh’ seo. Ma tha cànan gu bhi buan, feumaidh e a bhi follaiseach dha’n luchd-cleachdaidh gu bheil i freagarrach dha saoghal an latha an diugh. Tha duine ag iarraidh a bhi a’ bruidhinn mu dheidhinn siaban an telebhisean, eadar-lìon, ball-coise, gnìomhachas agus Ms Dynamite a bharrachd air dìreach spréidh, mòine, agus àiteachas. Tha e cuideachd a’ ciallachadh gum bithear a’ cleachdadh Gàidhlig ann an dòighean ùra, coltach ri teachdaireachdan nam fónaichean-làimh. Bithidh sin a’ ciallachadh gum faic sinn samhail ‘vl’ airson ‘am bheil’, ‘U’ air son ‘thu’ (dìreach mar a’ Bheurla), agus ‘n J’ air ‘an dé’. ‘Sionghantach gum bi tìde ann leis na h-uidheaman ùra ‘son dragh a ghabhail mu dheidhinn sràcan, gun luaidh air tuisealan tabhartach is an leithid a bhiodh a shàraich ginealaichean de sgoilearan. Thuirt an t-eòlaiche fòghluim Dòmhnall Iain MacIomhair bho Chomhairle nan Eilean Siar, gur e naidheachd mhath a bh’ann gun robh daoine òga a’ faighinn cothrom ùra cainnt an aithrichean a chleachdadh air na fónaichean-làimhe. Ach dh’aidich e gun robh e duilich gu leòr a bhi a’ toirt air cuid de dhaoine òga litreachadh na Gàidhlig a ghreimeachadh mar a tha cùisean an dràsda agus gur dòcha gun deanadh seo cùisean na bu mhiosa buileach. Chan eil dol-as ann ged-ta. Tha roghainn againn eadar a bhi a’ gabhail ri daoine a chleachdas Gàidhlig ann an dòighean ùra neo gabhail ris nach bi càil aca tuilleadh ach Beurla. Cha ruig teicneòlas ùr a bhi a’ ciallachadh gun diochuimhnich daoine air an dualchas is air có as a thàinig iad. Tha fiùs a’ cheud faclair teacs gu Gàidhlig a’ dearbhadh gum buin e dha na sgìrean Gaidhealach. Neach a bheir sùil air an sreath de dh’fhacail, chì iad gu bheil teacs air samhuil ‘Tha e fliuch’ agus ‘tha e grànnda’, rudan a tha a’ buaileadh air droch aimsir na Gaidhealtachd is nan Eilean. Tà, chan eil guth air dé an teacs a th’ann ‘son latha math, aimsir grianach, feasgair soillear, neo tìde blàth, chan eil na rudan sin a dhìth air muinntirr na Gàidhlig cho tric is a tha còmhradh mu dheidhinn droch aimsir. Tha e furasda gu leòr an Gaidheal a thoirt a mach as an sgìre aige fhéin, chan eil e buileach cho furasda a’ Ghaidhealtachd a thoirt a mach as an duine. Tha ‘n teacs cuideachd a’ sealltainn dhuinn gum bu chòir smaoineachadh gu domhainn mu dheidhinn litreachadh na Gàidhlig agus ciamar a ghabhas a dheanamh nas fhasa a thuigse, gu h-àraid dha daoine òga is luchd-ionnsachaidh. Bha mi a’ feuchainn ri neach a chuideachadh latha eile gus Gàidhlig a leughadh, agus thuig mi a rithist cho duilich is a tha e na riaghailtean gu léir a thuigsinn agus cuimhneachadh air na h-amannan nuair nach eil na riaghailtean ag oibreachadh mar a shaoileadh neach. Tha fios agam gu bheil sinne mar Ghaidheil dualtach a bhi ag éigheach mu dheidhinn cho ciallach is a tha an dòigh-sgriobhaidh againn an taice ris a’ Bheurla, far am bheil na riaghailtean nas troimhe-chèile buileach. Ach tha ar sgrìobhadh nas duilighe na móran cànain Eòrpach eile, agus tha eòlaichean is eanchainnean gu leòr ann a dh’fhaodadh sin a chuir ceart. Cha ruigeadh e a leas a bhi cho duilich ri sin. Neo ‘dlch’, mar a chanas muinntirr an teacs. Bhiodh cuid ag ràdh gum b’fheàrr leothasan nam biodh a’ Ghàidhlig air bàsachadh buileach glan, na a’ chànan a bhi ag atharrachadh gu’n ìre far nach biodh i cho ‘glan’ agus a bha i ann an linn faileasach breagha a chruthaich iadsan nan eanchainnean. ‘Se fìrinn na cùise gun robh a’ Ghàidhlig a riamh ag atharrachadh agus a’ gabhail ri facail is nòsan ùra. Fhuair sinn samhuil ‘pòg’, ‘Càisg’ is ‘beannachadh’ bho Laidinn. Thàinig samhuil ‘eaglais’ bho na Greugaich, ‘lobht’ is ‘taraisgeir’ bho na Lochlannaich, agus briathran gu leòr bho’n Bheurla. Chaill sinn cuid de na seann rudan mar aon de na tuisealan, chan eil briathran neachdach neo neuter ann tuilleadh. Agus tha am facal Gàidhlig ‘eadar-lìon’ air fàs cumanta, ged nach robh dùil aig cuid, mi fhìn nam measg, ris an leithid - tha móran cànain eile a’ deanamh a’ chùis leis am facal ‘internet’ air a tharraing dìreach bho’n Bheurla. Sin farpuis ùr dha’n Mhòd, dàn ann Gàidhlig air a dheanamh ann an cruth teachdaireachd SMS. ‘Se nach biodh cho fada ri cuid de na h-òrain air am bheil feadhainn againn eòlach. Rud feumail, ’s dòcha. (Tgv i)x2 Suas ls a 2lg.
|
View Full Comment Text
save preference
Comments (6 of 6)